1
Bha leòmhann a bh' ann a bha na chadal ann am faiche nuair a chaidh a dhùsgadh le luchag a bha na ruith air aodann an leòmhainn. Bha an leòmhann fiadhaich agus ghabh e grèim air an luchaig anns an spòig aige airson a mharbhadh.
2
Bha feagal uamhasach air an luchaig agus dh'iarr i gu muladach ris an leòmhann a bheatha a leigeil. "Leig mi air falbh," dh'iarr i, "agus thig an latha a nì mi fabhar dhut airson do chairdeas."
3
Beachd a thàinig bho chreutair cho beag dè am feum a bhiodh ise airson leòmhann cho mòr? Bha an leòmhann a' gaireachdainn gu h-àrd, agus leig e air falbh i.
4
Àch thàinig cothrom dhan luchaig an leòmhann a chuideachadh mu dheireadh thall.
5
Bha latha a bh' ann a thig an leòmhann gu bhith ceangailte ann an lìon, lìon a bha dèante le sealgairean mar ghèama, agus chuala an luchag an leòmhann ag èigheachd ann am pian agus gu math fiadhaich agus ruith i cho luath 's a b' urrainn dhi gus far an robh e. Ann an ùine gu math goirid, thòisich i ag ithe tron lìon leis na fiaclan aice, agus bha i soirbheachail agus fhuair an leòmhann air falbh bhon lìon.
6
"Sin thu!" thuirt an luchag, "bha thu a' gaireachdainn nuair a chuir mi geall dhut gun dèan mi mathanas dhut: ach chì thu a-nist, 's urrainn fiù 's do luchag taic a thoirt dha leòmhann."
domingo, 3 de enero de 2010
Suscribirse a:
Enviar comentarios (Atom)
un voluntario internauta de Unilang nos lo regalo desde las tierras altas de Escocia
ResponderEliminar